Bloga 4

Meòrachain air Seasamh na Gàidhlig an Glaschu

Fad dà bhliadhna tha mi air a bhith an sàs le comataidh-stiùridh a tha ag amas air cùrsaichean-bogaidh a stèidheachadh ann an Glaschu, a bhios a’ teagasg (nar beachd) na dh’fheumas a bhith againn gus beàrnan sa bhun-structar a lìonadh, agus ’s e sin ‘Gàidhlig Aig Baile’, mar a th’ aca ann an Alba Nuadh. Bha a’ chiad choinneamh-fhiosrachaidh air a cur air dòigh dìreach mus tàinig an corònabhìoras, agus bha againn ris a cur dheth. Thug sin barrachd ùine dhuinn airson meòrachadh air an t-suidheachadh a th’ ann. 

Thàinig e a-steach orm nach ann tric a chluinneas sinn, gu dè gu dìreach a tha an dàn dhuinn a thaobh na Gàidhlig ann an Glaschu? Chaidh tòrr obrach a-steach a thaobh sgoiltean agus goireasan eile a thogail, ach dè ar ceann—uidhe? 

Mar as motha a leudaicheas tu an t-eòlas agad air saoghal na Gàidhlig, ’s ann as fheàrr a thuigeas tu nach eil aon bhuidheann oifigeil os ar cinn gar stiùradh gu ceann-uidhe far am bi Gàidhlig làidir agus beòthail ann an Glaschu, no ann an àite sam bith. ’S ann oirnne a tha an dleastanas gus sin a dhealbhachadh. Tha na buidhnean oifigeil a’ sealg bheachdan bhuinne an-dràsta. Mar sin dheth, seo an tuigse a th’ agam air na th’ againn, na tha mise ag iarraidh airson na Gàidhlig ann am Baile Mòr nan Gàidheal, agus, bhom shealladh-sa, na ghabhas dèanamh a thaobh a’ bhun—structair a dhaingneachadh.

Bun-structar

’S e seo an t-àite anns a bheil am bun-structar as leasaichte ann an Alba gu lèir a thaobh na Gàidhlig. Aig a’ bhonn, tha sgoiltean-àraich ann tro mheadhan na Gàidhlig. Ged nach eil iad aig ìre fhathast far as urrainn dhaibh a’ chlann a thoirt gu Gàidhlig a bhruidhinn còmhla nuair a bhios iad ri cleas, cluinnidh a’ chlann Gàidhlig, ionnsachaidh iad briathrachas agus ma tha Gàidhlig aig a’ chlann san dachaigh, daingnichidh sin an Gàidhlig mus tèid iad dhan sgoil. Às dèidh dhuinn an cùrsa-bogaidh air a bheil “Gàidhlig san Dachaigh” a stèidheachadh, tha sinn airson cùrsa a chur air dòigh airson luchd-obrach nan sgoiltean-àraich. 

Na Sgoiltean

Tha na trì bun-sgoiltean ann (agus an ceathramh ri thighinn) far as urrainn dhaibh ionnsachadh math fhaighinn. Tha goireasan, tidsearan agus luchd-taic fhathast a dhìth, agus chan eil àitichean gu leòr annta ‘son nan sgoilearan. Chan fhaic mi freagairt dhan cheist seo a dh’fhaodadh a bhith air fuasgladh anns an spot, ach chìthear beachdan a bhiodh ag amas air seo fhuasgladh san ùine fhada gu h-ìosal.

An rud as motha a th’ againn an taca ri àitichean eile, ’s e an àrd-sgoil ann am Finneston. Tha slocan san àrd-sgoil cuideachd. Chan fhaighear gach cuspair tro mheadhan na Gàidhlig, agus chan fhaighear na cleasan as spòrsaile tro mheadhan na Gàidhlig, rud a nì cron air a’ Ghàidhlig bho shealladh nan sgoilearean, leis gum faic iad (anns an fharsaingeachd) Gàidhlig mar chuspair acaidemigeach nach eil ceangailte ris na rudan a bheireas toileachas-inntinn dhaibh. ’S ann aig an àrd-sgoil a nì cuid ceum air ais, uaireannan, a thaobh comasan ann an Gàidhlig. Tha dà adhbhar ann air a seo nam bharail. A’ chiad adhbhar, ’s ann mura tàinig iad à dachaigh far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn, (agus ’s ann mar seo a tha a mhòr-chuid), mar sin chan eil cainnt shòisealta aca. Chan eil briathrachas a chleachdas tu còmhla ri do chàirdean air a theagasg san sgoil, agus gu tric chan eil iad air am bogadh sa Ghàidhlig chun na h-ìre far as urrainn dhaibh bruidhinn gu siubhlach. 

Mar sin tha e fada nas fhasa dhaibh a bhith a’ conaltradh gu sòisealta sa Bheurla. Bhiodh cus oidhirp an sàs le bhith a’ feuchainn ri bruidhinn sa Ghàidhlig, rud nach eil tarraingeach do dheugaire sam bith. 

An dàrna adhbhar, a-rithist bhom shealladh-sa, ’s ann a thogas uallach bho na sgoilearan eile gun a bhith ga bruidhinn agus a bhith a’ bruidhinn na Beurla, leis gu bheil a’ Bheurla ceangailte ris na rudan a chòrdas riutha agus ris an t-saoghal mhòr, agus gur e Beurla a th’ aca gu sòisealta co-dhiù. Tha e gu math doirbh a bhith nad sheasamh an aghaidh sin agus tu nad dheugaire. Mar sin, tha na bannan eatorra air an togail tron Bheurla.

Tha e riatanach gum bruidhinn a’ chlann sa Ghàidhlig. San ùine fhada, feumaidh barrachd chloinne le Gàidhlig làidir a bhith a’ dol a-steach dha na sgoiltean. ’S e sin às adhbhar a tha bruidhinn agus Gàidhlig san Dachaigh cho cudromach. Chan ionnsaich clann bho phàipear. Seo agaibh eisimpleir air na dòighean-obrach againn bho Alba Nuaidh, agus cho luath ’s a dh’fhaodadh Gàidhlig nam Pàrant a bhith air a togail ma ruitheas cùrsa gu làn-ùine, agus ma tha àite ann airson pàrantan (agus daoine eile) a chuideachadh: https://www.youtube.com/watch?v=2oHUVKPnT6s&t=14s

Gun ghinealachd ùr a bhith a’ tighinn à dachaighean anns a bheil Gàidhlig air a bruidhinn, tha Gàidhlig ann an Glaschu a’ crochadh air fileantaich às na h-Eileanan Siar, sgoilearan agus oileanaich san oilthigh. Ach mar a tha fhios againn, tha vernacular crisis anns na h-Eileanan Siar agus cha bhi na sgoilearan a’ bruidhinn na Gàidhlig gu sòisealta.

Chuala sinn o chionn ghoirid nach eil àitichean gu leòr ann do sgoilearan sna sgoiltean. Feumar sgoiltean eile fhosgladh ach tha gainnead thìdsearan. Cluinnear cuideachd an aon rud bho luchd-obrach nan sgoiltean-àraich. Feumaidh barrachd fhileantach a bhith ann ‘son nan obraichean sin, agus chìthear beachdan mun sin aig bonn a’ bhloga.

Oilthigh Ghlaschu

Tha an uair sin Oilthigh Ghlaschu, far an urrainn dhut a bhith a’ fuireach ann an taigh na Gàidhlig agus far a bheil cùrsa-bogaidh air a chur air dòigh. Feumaidh oilthigh a bhith ann agus ’s math gu bheil airson ceumnaiche na sgoile, cothroman do dhaoine nach deach tro na sgoiltean a bhith ga h-ionnsachadh, agus ìre àrd a bhith agad a thaobh leughadh, sgrìobhadh agus rannsachadh. Ach chan fhaod sinn oilthigh (no na sgoiltean mar a tha iad) fhaicinn mar àite a bhios a’ cruthachadh tùs coimhearsnachd làidir mhaireannach leis fhèin. ’S e tùs a th’ ann, mar na sgoiltean agus clasaichean eile. Ach chan eil oilthigh so-ruigsinneach airson mòran ma dh’fheumas teistanas a bhith agad, no ma dh’ionnsaicheas tu le dòighean-obrach a chaidh an cur air bhonn airson cànan a theagasg gu h-acadaimigeach a chuireadh eagal air daoine nach eil cho academigeach, no anns a bheil eanchainn ‘niùro-iomadach’, mar mise. 

Le cus chuideam a chur air na dòighean acadaimigeach mar stòras, tha thu an dùil gun gabh na daoine òga na th’ aca de Ghàidhlig agus gun dèan iad rannsachadh aca fhèin gus faighinn a-mach ciamar a bhruidhinneas iad gu sòisealta, fad na h-ùine, gus an tog iad bannan eatorra, agus gus faighinn a-mach ciamar a thogas tu clann le Gàidhlig. Cha chanainns’ gun dèanainn sin aig fichead bliadhna a dh’aois. Chan eil sin a’ ciallachadh nach dèan cuid de dh’oileanaich an dìcheall air an obair sin, (’s aithne dhomh cuid a tha ga dhèanamh) ach chan fhaod sinn a bhith an dùil gun dèan, no a bhith nar n-eisimeil riutha san dòigh sin. Feumaidh ceumnaichean sgapadh às dèidh dhaibh ceum a chosnadh gu àitichean far a bheil obair. Ged a tha an cùrsa-bogaidh ann, chì tòrr dhe na daoine às na coimhearsnachdan air a bheil mise eòlach e mar rud a th’ os an cinn, leis gu bheil e ann an oilthigh, agus feumaidh Gàidhlig a bhith agad mar tha airson an cùrsa a dhèanamh. Tha e fìor, fìor mhath gu bheil e ann ge-tà, agus bhiodh fàilte air na ceumnaichean air a’ chùrsa againn airson an cainnt-shòisealta a leudachadh.

A dh’aindeoin sin uile, feumaidh àite mar seo a bhith ann airson ìre àrd de chànain a ghlèidheadh, feumaidh cànan sam bith oilthighean airson ’s gum bi deagh obraichean rim faighinn troimhe (no ceangailte ris) agus gun urrainn dhut a bhith ag obair gu h-acadaimigeach troimhe. ’S e roinn air leth cudromach a th’ ann, a bhios ag obrachadh mar phàirt dechearcall-cànain, chan ann mar an aon tùs.

Tha iad fhèin a’ sireadh bheachdan a thaobh na Gàidhlig an-dràsta: https://mailchi.mp/a9667d15ad27/lrach-ln-r-suirbhidh-coimhearsnachd-5655934

Glaschu Bheò

Ron chorònabhìoras, bha clasaichean aig Glaschu Bheò. Chaidh mi fhìn tromhpa, agus tharraing mi tòrr asta. Ach bha iad stèidhichte air na seann dòighean. Bidh thu ag ionnsachadh gràmar, a’ leughadh agus a’ bruidhinn air na leugh thu anns a’ Bheurla. Ma tha thu ag ionnsachadh leat fhèin mar a dh’ionnsaich mise an toiseach, feumaidh tu a bhith ag obair air fad na h-ùine, agus ga chumail suas nad cheann fad na seachdaine chun a’ chlais madainn DiSathairne. Mar sin, rinn mise beagan adhartais, ach ’s ann air na h-adhbharan sin a rinn. Bha misneachd agam a chionn ’s gur e ceòladair a bh’ annam agus thuig mi na bha an dàn dhomh a thaobh rud mòr ùr ionnsachadh. Cha robh misneachd aig an fheadhainn eile, agus cha b’ urrainn dhaibh bruidhinn, ciamar a b’ urrainn? Chan ionnsaich thu ceòl gun a bhith ga chluich. Bha miann mòr aca gus Gàidhlig a bhruidhinn, ach gun mhisneachd agus na goireasan cearta, cha tig mòran gu bruidhinn mura seall thu dhaibh ciamar. Nam biodh meantorachd ceangailte ris na clasaichean, mar eisimpleir, nam faigheadh tu dà oidhche san t-seachdain a’ bruidhinn air a fòn ri neach-labhairt aig a bheil eòlas air bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh, thigeadh barrachd gu bruidhinn.

Comhairle nan Leabhraichean

Tha a’ bhùth aig Comhairle nan leabhraichean ann, far a bheil luchd-obrach aig a bheil deagh Ghàidhlig agus leabhraichean. Chan e àite, far as urrainn dhut a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig fad an latha, ach ’s e fear dhe na h-aon àitichean far as urrainn dhut rudeigin a cheannach tron Ghàidhlig. A rèir coltas tha An Lòchran a’ leasachadh na sràide gus am bi àite eile fosgailte ann airson luchd-Gàidhlig, ach chan eil fhios agam cuin a dh’fhosglas e no dè na goireasan a bhios rim faighinn.   

Bookbugs

Bha ‘Bookbugs’ Gàidhlig ri fhaighinn ron chorònabhìoras, a bha feumail do phàrantan, ach tha na leabhar-lannan a-nis ann an stàing. Cha robh Bookbugs gu tur ann an Gàidhlig ri fhaighinn.

Am BBC

Tha obraichean rim faighinn ann an Glaschu aig a’ Bhbc, ach mar is trice, dh’fheumadh tu a bhith a’ dol suas gu Sabhal Mòr Ostaig airson fear dhe na cùrsaichean aca a dhèanamh airson tè dhe na h-obraichean seo fhaighinn. Mar a dh’innis tòrr dhuinn o chionn ghoirid air Twitter nuair a dh’fhaighnich sinn dhuibh ciamar a bha iad a’ faireachdainn mun Ghàidhlig, agus mar a tha fhios agam fhìn, chan obraich sin airson tòrr a thaobh airgead agus teaghlach.

Na Gàidheil agus Luchd na Gàidhlig

Chan eil gainnead de dh’fhileantaich ann an Glaschu a dh’fhaodadh a bhith a’ cur ri barrachd luchd-labhairt a chruthachadh le prògram-meantorachd a chur air dòigh. Chìthear barrachd fiosrachaidh aig a bhonn.

An Ceann-uidhe

San ùine-fhada, bu toigh leamsa coimhearsnachd làidir fhosgailte a bhith againn. Dhomhsa dheth, tha sin a’ ciallachadh co-dhiù mìltean de luchd-labhairt aig a bheil Gàidhlig fhileanta (ge bith cò às a tha iad) a tha beò tron a’ Ghàidhlig, aig a bheil na sgilean a bheireadh iad seachad dhan ath-ghinnealachd agus luchd-ionnsachaidh. Dhomhsa dheth, tha sin a’ ciallachadh: 

  • Gum feum Gàidhlig a bhith na ciad chànan ann am mìltean de dhachaighean
  • Pàrantan ag ionnsachadh na Gàidhlig chin na h-ìre far as urrainn dhaibh a bruidhinn ris an clann fad na h-ùine (dha-rìribh fad na h-ùine agus chan ann dìreach uaireannan) gus am bi barrachd chloinne le Gàidhlig mar chiad chànan sna sgoiltean
  • Na pàrantan a’ cruinneachadh còmhla ri luchd-labhairt (ge bith càite an do thog iad Gàidhlig) agus pàrantan eile aig a bheil Gàidhlig gus an urrainn dhan a’ chlann aca Gàidhlig a chluinntinn ann an suidheachaidhean nàdarra
  • Ionad a bhith ann anns nach eil Beurla ceadaichte (ach a-mhàin ann an cùis èiginneach) le sgoil-àraich agus goireasan chloinne 
  • Cùrsaichean-bogaidh airson gach ìre-chànain a bhios a’ teagasg cainnt ceangailte ris an dachaigh, clann a thogail, còcaireachd, a’ cluich ball-coise, ag obair agus gach rud a dh’fheumas coimhearsnachd sam bith
  • A h-uile cuspair ‘sna sgoiltean a bhith ri fhaighinn ‘sa Ghàidhlig
  • Comainn airson spòrs, ealain, feallsanachd, fìon, ceòl, geamaichean-computaireach a bhith ri fhaighinn ‘sa Ghàidhlig
  • Cùrsaichean a bhios a’ trèanadh luchd-obrach sgoil-àraich a bhith ag obair gu tur tro mheadhan na Gàidhlig
  • Obraichean rim faighinn ‘san ionad a tha ruigsinneach ‘son daoine a th’ air na cùrsaichean a choileanadh agus ‘son ceumnaiche nan sgoiltean, m.e. Obair mar oide, ‘sa chafaidh, mar ghlanadair, aig an ionad-fàilte
  • Prògram meantorach a bhios a’ ceangal luchd-ionnsachaidh ri fileantaich, gu sònraichte seann daoine (dh’fheumadh beagan trèanaidh a bhith ann air ciamar a nì thu seo gu h-èifeachdach)
  • Gàidhlig a bhith ri faicinn mar chultar a bhuinneas dhan a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Alba, agus ri faicinn mar rud a ghabhas ionnsachadh ann an Glaschu gun cheum a bhith agad
  • Taic-airgid airson pàrantan a tha a’ togail clann le Gàidhlig, mar a chaidh a dhèanamh ann an Èirinn
  • Luchd-taic ann an raoin-chluiche na sgoile a’ brosnachadh na cloinne ri bhith a’ togail nam bannan aca tron Ghàidhlig bho sgoil-àraich gu bun-sgoil.

Dh’fhaodadh sinn a bhith fada na b’ fhaisge air cearcall-cànain slàn a bhith againn ann an ceann deich bliadhna. Feumaidh barrachd obraichean a bhith ann mar bhuannachd ‘son nan ceumnaichean a ghlèidheadh, a’ gabhail a-steach obraichean far nach fheum thu ceum, òir feumaidh daoine a bhith ag obair ann an Gàidhlig. Feumaidh an loidhne a bhith a’ ruith bhon dachaigh gu sgoil-àraich, dhan bhun-sgoil, tron àrd-sgoil, an uair sin gu obair no oilthigh agus an uair sin gu dòigh beatha na Gàidhlig le tòrr chothroman a bhith ga cleachdadh gu sòisealta air an t-slighe, le comainn airson rudan a chòrdas ri daoine.

Crochaidh a h-uile càil sin air barrachd fhileantaich agus rudan a dhèanamh nas fhasa ’son na luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a th’ ann mar tha. Dhomhsa, tha sin a’ ciallachadh cùrsaichean-bogaidh agus ionad a bhith air an togail. Creididh mi gum feum amas nan cùrsaichean a bhith airson daoine a thoirt gu conaltradh sa Ghàidhlig cho luath ‘s a ghabhas, tro mhodhanan (no dòighean-obrach) a fhreagras daoine daoine niùro-iomadach, agus daoine nach eil a’ faireachdainn cofhurtail ann an àrainneachd acadaimigeach. Feumaidh iad a bhith ann dhan a h-uile duine agus am measg tòrr ann an Glaschu, tha beachd ann gu bheil Gàidhlig ann don chlas-mheadhanach, no nach gabh a h-ionnsachadh idir. Tha Duolingo air an ìomhaigh sin atharrachadh, ach cha tig fileantaich no mòran luchd-chleachdaidh à Duolingo leis fhèin, feumaidh na goireasan a bhith ann ‘son na daoine aig a bheil ùidh a ghlacadh agus an toirt chun na h-ìre far am bi iad a’ cleachdadh na Gàidhlig fad na h-ùine, ma tha Duolingo a’ dol a chur ri Gàidhlig a chumail beò. Gu simplidh, feumar airgead airson tòrr chùrsaichean-bogaidh a ruith ann an ionad cho fad ’s a dh’fheumas iad. Tha iomairt ann a thaobh nan cùrsaichean seo a stèidheachadh agus faodar d’ ainm a chur ris air an làrach Twitter seo: https://twitter.com/IonadG le bhith a cur brath thugainn leis a’ phòst-d agad. Às dèidh nan cùrsaichean a stèidheachadh, a bhiodh a’ taomadh a-mach luchd-ionnsachaidh a bhiodh cleachte ri ionnsachadh le bhith a’ bruidhinn, dh’fhaodamaid an uair sin prògram-meantorachd a chur air bhonn a bhiodh a’ gabhail a-steach nam fileantaich aig nach eil comas-sgrìobhaidh agus ag amas air an ionad fhosgladh. Bhiodh na ciad chùrsaichean air an ruith ann an àite a tha so-ruigsinneach, mar ionad-choimhearsnachd.

Tha mi air faicinn na ghabhas dèanamh nam theaghlach fhèin, bhon a bhith a’ cleachdadh nam modhanan seo. ’S ann aig a’ Ghàidhlig a tha làmh an uachdair a thaobh cainnt mo mhac. Tha mi air a bhith fortanach gun robh fios agam dè dhèanainn ro làimh, agus gun urrainn dhuinn cruinneachadh còmhla ri pàrantan eile aig a bheil i. Gabhaidh sin a dhèanamh aig ìre nas fharsainge, agus creididh mi gur e an cùrsa-bogaidh againn agus ionad a thogail, nan ciad cheumannan. 

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: