Bloga 3, Bho Thòiseach-tòiseachaidh

Bloga 3. Bho thòiseach-tòiseachaidh gu Gàidhlig san dachaigh. Bho thoiseach-tòiseachaidh

Chan eil cuimhne agam cuin a chuir mi romham gun robh mi airson Gàidhlig a thoirt seachad do mo chlann. ’S ann a thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh ann an 2015 bho bhodach fìor ghasta à Leodhas, còmhla ri sianar eile, a bha aig an àm ann an còmhlan-ciùil còmhla rium. Bha mo bhean ag obair mar oide na fìdhle aig Comann Ghàidhlig Chomar nan Allt, agus cha robh mi ach eòlach air Julie Fowlis, agus chòrd a ceòl rinn gu mòr, ach b’ e sin uile. 

  Bha ar n-ùidh ann an ceòl tradiseanta a’ fàs aig an àm, agus bha Gàidhlig na pàirt dheth, ach cha robh Gàidhlig nar saoghal mar mhuinntir a’ chlas-obrach Ghlaschu, ach dha mo bhean aig an robh beagan dhi le cuideachd à Ile. Ged gur ann a teaghlach le dàimh ri Èirinn a tha sinn sa mhòr-chuid, cha robh cànan mar phàirt den chultar sin nuair a bha sinn ag èirigh suas ach na spruilleach, mar fhacal no abairt air choreigin air an sadail a-steach dhan Bheurla-Ghallta a bh’ againn. 

  Chaidh sinn dhan chiad leasan agus ’b ann tro mheadhan leughaidh a thòisich sinn. Bha sinn gu bhith ag ionnsachadh na fuaimean agus gràmar bho phìosan pàipear agus an uair sin a’ feuchainn ris an leughadh. Ged nach aontachadh a h-uile Gàidheal leis a’ mhodh ud, chaidh mo tharraing dha na lìtrichean agus facal no dhà a dh’aithneachas tu bho bhith nad Albannach, no a bha coltach ri facal ann an Gaeilge. Ach, dh’fhalbh aon de na daoine bhon chlas cha mhòr gach clas (rud àbhaisteach ann an saoghal ionnsachadh chànain, mar a thachras e) gus nach robh ann ach mise agus dithis eile air fhàgail an ceann mìos, a’ gabhail a-steach mo bhean. 

  A’ toirt sùil air ais, chì mi gun robh iad air an nàrachadh agus a’ strì le bhith a’ leughadh, ach ’b e sin na daoine aig an robh trioblaidean ‘san sgoil co-dhiù, a’ tighinn bho àitegin mar na Gorbals no Siorrachd Lannraig a Deas. Rinn an t-oide a dhìcheall, ach b e cus nàire a bh’ ann dhaibh. Bha barrachd ùine aig an triùir againn còmhla ris an oide an uair sin ge-tà. B’ e duine fìor èibhinn, ghasta a bh’ ann, agus nuair a bhruidhneadh e Gàidhlig ann an dòigh nàdarra, am measg a bhith a’ leughadh, thachair sunnd neònach orm mar a thachradh nuair a dh’èistinn ri ceòl. Coltach agus eadar-dhealaichte.  Cha do leugh mi an leithid seo ann an sgrìobhadh eile mu chànan uair sam bith, ach bha mi air a bhith a’ feuchainn ri cànain eile ionnsachadh ro làimh, an fheadhainn àbhaisteach mar Fhraingis is Spàinntis, agus cha do chùm mi orm an dèidh  mìos no dhà. Mar as trice a thachras, gun adhbhar sònraichte cha chùm an cuid-mhòr de luchd-ionnsachaidh orra air an t-slìghe gu fileantas. Ach cha ’b ann mar sin a bha e airson na daoine a dh’fhalbh bhon a’ chlas, bha miann sònraichte aca, bha iad a’ cur taic ri Gàidhlig ach bha nàire a’ cur bacadh orra. Chan ann a’ cuir sìos na modhanan aig an tìdsear idir a tha mi, bha iad a’ còrdadh rium-sa agus ri mo bhean. A thaobh na daoine a dh’fhalbh, cha robh misneachd aca bhom beathannan ro làimh, cha d’fhuair iad i bhon phàrantan aca no à sgoil. Leis na daoine a dh’fhurich, bha. Bha mise air ceòl ionnsachadh leam fhìn anns an fharsaingeachd, agus bhrosnaich mo phàrantan rium a bhith a’ leughadh, ged nach robh sgillinn ruadh againn idir, gu cultarach, bha sinn meadhan-chlasach. Bha mo bhean à Ile agus bha beagan Gàidhlig aice ro làimh, agus bha i air Gearmailtis agus eile ionnsachadh. ‘S docha nan robh dòigh nas ruigisnneach dhaibh airson a bhith a’ tòiseachadh, am fuiricheadh iad?

  Mar is trice a choinneachas tu ri luchd-ciùil ann an saoghal ciùil-tradiseanta na h-Alba, ’s ann nas trice a chluinneas tu a’ Ghàidhlig, no co-dhiù ma deidhinn, agus ’b ann mar sin a bha e dhuinne. Bhiomaid a’ dol gu seiseanan agus uaireannan a’ cluich aig fèisean mar chòmhlan agus a’ cluinntinn na Gàidhlig nas trice ‘s nas trice. Seachad air na clasaichean, bhithinn a’ leughadh nan litrichean agus ag ionnsachadh ainmearan, ach bha mi fhathast air mo bheò-ghlacadh le ceòl agus a bhith a’ dèanamh adhartais ann an saoghal a’ chiùil. Tro thìde, agus sinn ga cluinntinn nas trice, is nas trice, dh’fhàs faireachdainn neulach nam inntinn mu dheidhinn nam fuaimean a bh’ innte, cha mhòr gun robh iad a’ bualadh orm. Dh’atharraich m’ ùidh bho litrichean gu fuaimean. Tha adhbhar loidigeach air sin. Ma thòisicheas tu le bhith a’ leughadh, mar a thòisicheas tòrr dhaoine,  cha bhi thu a’ creidsinn gur e fìor chànan a th’ ann. Nuair a chluinneas tu mar chànan àbhaisteach e, atharraichidh sin do bharail. Bho bhith a’ cluinntinn nan òran cuideachd, bha mi air mo tharraing airson a’ chiad uair air falbh bho phuirt cèilidhe agus gu òrain Gàidhlig. Chan e tuigse mothachail a bh’ ann, ach anns na mionaichean, an aon àite a chleachdas tu nuair a nì thu gnothach cruthachail. 

Aig an aon àm, mar chòmhlan, luchd-ciùil agus càirdean, mar a thacras nuair a thig òigridh dhan ficheadan aca, ‘s iad air am bogadh ann an saoghal ealain, thàinig tuigse sòisealta, dè cho sreathach ‘s a tha sòisealtas a-rèir clas, an strì an aghaidh gràin-chinnidh agus, gu h-àraid ann an Glaschu, gràin-chreidseamh. Thachair sinn mar chòmhlan air torr gràin-chreidseamh, nuair a chluicheamaid ceòl Èireannach no Albannach anns an taigh-sheinnse “ceàrr” ann an Alba. Agus bhiomaid a’ gluasad bho thaigh-seinnse anns a’ Ghalltachd gu caisteal anns a’ Ghàidhealtachd, far am biodh banais. Bhiomaid a’ cluiche aig taighean-mòra airson nan uaislean, far an dèiligeadh iad rinn gu sìobhailte, ach, bhon t-sealladh againne, bha iad ag iarraidh oirnn a bhith nar n-Albannaich “tòcanach”.

Gun a bhith ro fharsaing a thaobh nan òigridh, bha an ìre de thuigse againn neulach mar a bhios aig an aois sin, ach bha sinn a’ faicinn beartas eagalach, airgead gun dìth, agus a’ fuireach ann an Glaschu ann an àitichean làn bhochdainn, anns an robh daoine ag obair gu cruaidh. Leis an reifreann, thàinig spot-solas air gnothaichean mar sin a-steach gu beathannan àbhaisteach. Cha robh Gàidhlig idir cho measail aig mòran an sin, fiù ’s coig bliadhnaichean air ais, ach bha ìre a’ chiùil ag èirigh, agus gnothaichean poilitigeach a’ chlas-obrach mar aon ann an sgìrean mar Chnoc a’ Ghobhainn. Bha cha mhòr gach neach againn a’ tighinn bho theaghlaichean aig an robh ùidh ann am poileataigs na h-Èireann ach bho thaobh nan sòisealach, le ùidh shònraichte ann an daoine mar James Connelly. 

Mar sin a thaobh an adhbhair sònraichte a dh’fheumas a bhith agad airson cànan ionnsachadh gu fileantas, saoilidh mi gun robh mi a’ faicinn ceangal eadar Gàidhlig agus sgeul nan Gàidheal agus a bhith a’ sabaid an aghaidh ghràin-chinnidh, neo-ionnannachd agus gràin-chreideimh. 

  Bha e follaiseach an ceann mìosan eile nach maireadh an clas, agus on a dh’fhàg gach oileanach, bha cothroman airson Comar nan Allt a ruigsinn gann, leis nach robh càr agam. Bhithinn a’ dèanamh nan cùrsaichean airson luchd-tòiseachaidh air Learngaelic.net, agus bha mi comaiseach air abairtean goirid a chur ri chèile. Chaidh mi a-steach airson Clas DiSathairne anns an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus thòisich mi as t-Samhradh. Bha e mu 60 nòt ’son 10 leasanan. Bha caochladh modhanan anns a’ chlas, bhiomaid ag ionnsachadh beagan ghràmar a bha uamhasach feumail, mar a chanas tu “‘S e tidsear a th’ innte” agus an leithid, agus a’ dèanamh rud beag de chòmhradh ri chèile. Bhiomaid a’ leughadh cuideachd, agus feumaidh mi ràdh, aig a’ cheann thall, cha do rinn mi mòran adhartais aig an àm sin a thaobh leughaidh, seach a bhith gam tharraing air falbh bho bhith ag ionnsachadh sgilean còmhraidh leis na bh’ agam de dh’ùine, ach bha e nam amharc an còmhnaidh a bhith a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn. ’San an latha an-diugh, creididh mi gun tèid na faclan a-steach gu roinn fa-leth de d’inntinn, agus feumaidh tu oidhirp a chuir a-steach gus a bhith gan cleachdadh ann an cainnt àbhaisteach. Bhiodh na h-oileanaich eile a’ gearan cuideachd, nach dèanadh iad adhartas a thaobh bruidhinn, mar a sgrìobh mi anns a’ bhloga mu dheireadh (puing 4). Mhìnich an tìdsear dhuinn gum bu chòir dhuinn a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig fad na seachdaine nan robh sinn a’ dol a dhèanamh adhartais. Tha fhios againn a-nis gun robh an tìdsear sin ceart. Cha dèan duine sam bith adhartas taobh a-staigh dà uair a thìde gach seachdain. Carson a bha sinn den bheachd gun dèanadh? A chionn ’s gum bi saidhc-eòlas a’ chlas ag innse dhut gu bheil thu a’ dèanamh math ma nì thu ceum beag-bìdeach. Cha do dh’fhàg iad-san ge-tà.

  Ann an 2016, thòisich mi An Cùrsa Inntrigidh aig an t-Sabhal, aig astar, pàirt-ùine a chionn

’s gun robh an còmhlan air chuairt san Ròinn Eòrpa aig an àm. Bhithinn a’ paigheadh air a shon leis an tuarastal a bh’ agam bho cheòl, rud a bha gam fhàgail gann de dh’airgead.

  Tha e cudromach, nuair a bhruidhneas sinn mar luchd-labhairt ùra, air ciamar a tharraingeas sinn daoine a-steach dhan ghnothach, a bhith a’ meòrachadh air na tharraing sinne a-steach, agus ‘s docha nas cudromaiche, ciamar a chùm sinn oirnn tro amannan dùbhlanach. Seachad air na fuaimean a bha a’ còrdadh rium, agus a bhith air mo tharraing gu lìtreachas, cha robh mi dìcheallach air Gàidhlig ionnsachadh fhathast ann an dòigh a bheireadh piseach mòr air mo chainnt. 

  Cha do bhuail e orm na bhiodh agam ri dhèanamh, agus a’ toirt sùil air ais, gur ann air sgàth ’s gun robh mi fhathast fada ro fhaisg air a’ chlas, agus a’ smaoineachadh ann an dòigh fhoirmeil. Chan eil mi a’ ciallachadh gun robh càil ceàrr air a’ chlas, no a bhith ag ionnsachadh ann an dòigh fhoirmeil. Ionnsaichidh torr dhaoine aig a bheil miann làidir airson na Gàidhlig gu ìre àrd bho bhith nan sgoileirean aig an t-Sabhal Mhòr, ach ma choimheadas tu air an t-suidheachadh ann an Glaschu, cha tig mòran aig a bheil comas bruidhinn às na clasaichean a chionn ‘s nach eil iad a’ faighinn chothroman gu leòr Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas, rud nach eil fìor a thaobh an t-Sabhail. Tha fios aig Glaschu Beò air a sin, agus am freagairt: ’s e mentoring a th’ ann, a’ gabhail a-steach na seann-daoine mar a rinn iad thall an Alba Nuadh. Tha barrachd fiosrachadh air na rinn iad an seo: https://gaelic.novascotia.ca/sites/default/files/inline/documents/mentoring-programs-letter-of-interest-en.pdf

Anns an ath-earrann, bruidhinnidh mi mu dheidhinn nam bacaidhean a chuireas clas air cànan ionnsachadh agus na sgaraidhean eadar luchd-ionnsachaidh agus seann-daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: