Bloga 1 – Dùbhlain agus Freagairtean

Bloga 1: Dùbhlain

Bloga 1. Dùbhlain agus Freagairtean.

Thar nam bliadhnaichean mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, thug còmhraidhean sònraichte buaidh mhòr orm a thaobh a bhith a’ tuigsinn cor na Gàidhlig ann an Alba, ach gu h-àraidh ann an Glaschu. A chionn ‘s gu bheil mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ Ghàidhlig, togaidh an cuspair a cheann bitheanta, cha mhòr gu làitheil. Gu sònraichte, bruidhinnidh mi ri luchd na Gàidhlig de gach seòrsa mu dheidhinn nan cnapan-starraidh a tha romhainn ma tha coimhearsnachd mhaireannach gu bhith againn ann an Glaschu, agus mu dheidhinn nam freagairtean air ceistean a thogar às a’ chuspair sin.

  Tha a’ chuairt a th’ air a bhith agam na eisimpleir de “chearcall-cànain” a tha cudromach ma tha cànain mar Ghàidhlig gu bhith maireannach. Bhon toiseach-tòiseachaidh gu ruige seo, agus mi a’ togail cloinne le Gàidhlig ann an Glaschu. Tha e cuideachd na eisimpleir de chuideigin a thàinig gu ìre de chomas a thaobh bruidhinn na Gàidhlig gun a bhith a’ dol a dh’oilthigh agus gun chùrsa-bogaidh a dhèanamh aig an t-Sabhal. Creididh mi gu bheil seo cudromach a chionn nach coinnich tu ri mòran ann an Saoghal na Gàidhlig Ghlaschu aig a bheil Gàidhlig gu leòr seach na daoine a dh’ionnsaich i aig an t-Sabhal agus daoine aig a bheil Gàidhlig on ghlùn. Tha sin a’ ciallachadh ‘s docha nach eil e furasta gu leòr airson a’mhòr-chuid, ma dh’fheumas neach a bhith a’ gluasad dhan Eilean fhèin. Tha miann mòr aig muinntir Ghlaschu gus Gàidhlig ionnsachadh co-dhiù gu ìre far am biodh comas aca a bhith a’ bruidhinn, (mar a fhuair mi a-mach an dèidh dhomh fiosrachadh a chruinneachadh airson cùrsa-bogaidh a stèidheachadh) ach cha tig mòran dhan chomas leis na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta a-mhàin. Tha buidhnean mar Ghlaschu Beò ag aontachadh ri sin. Feumaidh deasbad a bhith ann mu dheidhinn plana nas àrd-amasaiche. 

  Air na h-adhbharan sin, tha mi airson mo chuid bharailean a chur ris an deasbad fharsaing a thaobh na Gàidhlig an-dràsta, thar ceithir earrannan, a’ tòiseachadh le na th’ ann de chnapan-starraidh.  Chìthear eisimpleirean de chnapan-starraidh an aghaidh na Gàidhlig a chuala mi bho dhiofar daoine ann an Glaschu.

Eisimpleirean de chnapan-starraidh ann an Glaschu:

  1. Thuirt tìdsear na Gàidhlig rium gum ’b e ise aon a-mach à dhà cheumnaichte sa chlas aice a tha fhathast a’ cleachdadh na Gàidhlig an ceann dà bhliadhna an dèidh dhi ceumnachadh bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
  2. A’ lorg oileanaich airson cùrsa-bogaidh a stèidheachadh ann an Glaschu, thuirt pàrant aig a bheil Gàidhlig rium nach cluinneadh iad ach Beurla fad na h-ùine gach turas a dh’fhàgas iad an taigh, nach bu chòir dhuinn a bhith a’ dìochuimnheachadh nam fileantach, agus gum bu chòir do dh’àite a bhith ann far am biodh Gàidhlig a-mhàin air a bruidhinn / ri cluinntinn.
  3. Aig a’ mhòd mu dheireadh, bha còignear anns an taigh-sheinnse, agus bha Gàidhlig aig ceathrar. Bha sinn a’ bruidhinn ‘sa Bheurla fad na h-ùine. Thuirt caraid rium: “Sin an trioblaid le Gàidhlig. Mura h-eil Gàidhlig aig a h-uile duine, feumaidh a h-uile duine a bhith a’ bruidhinn ‘sa Bheurla.”
  4. Chaidh mi gu clasaichean Gàidhlig airson dà bhliadhna, agus bhiodh na h-oileanaich a’ gearan nach dèanadh iad adhartais. Chanadh iad gun robh iad ag iarraidh barrachd gràmair ionnsachadh mus biodh cofhurtail a bhith a’ bruidhinn. Chanadh iad nach robh cothroman gu leòr an Gàidhlig a chleachdadh eadar nan clasaichean.
  5. Thuirt iomadach Gàidheal rium gu bheil sgaradh ann eadar luchd-labhairt a thog an Gàidhlig anns an dachaigh agus a thog an Gàidhlig ann an Oilthigh. Choinnich mi ri Barrach nach robh airson a chlann a chur a-steach dhan sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Bha e amharasach às Gàidhlig na sgoile. Chan eil a h-uile Gàidheal aig a bheil Gàidhlig on ghlùn a’ faireachdainn mar phàirt den Ghàidhlig ann an Glaschu.

Tha na suidheachaidhean sin bitheanta gu leòr ann an Glaschu. Tha iad a’ togail cheistean dùbhlanach, air mo shon-sa co-dhiù, mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig, agus a cor anns an àm ri teachd. Seo mo chuid-bharailean air a’ chiad dhà phuing, a’ gabhail ris gu bheil mi nam neach-labhairt ùr agus gun cuirinn fàilte air na beachdan luchd na Gàidhlig. Anns an ath-earrann, taisbeanaidh mi beachdan a thaobh nam puingean eile. 

Bu chòir do dh’àite a bhith ann airson luchd na Gàidhlig ann an Glaschu. Chan eil àite far an cruinnich na daoine òga an dèidh dhaibh ceumnachadh bho sgoil. Tha fhios a’m gu bheil An Lòchran air tòrr obrach a dhèanamh a thaobh seo. Tha mi fhìn an sàs le iomairt a thaobh ionaid a bhith ann. Tha mi gu mòr airson ’s gum bi àite sònraichte ann, agus bruinnidh mi a bharrachd air sin anns an ath-earrann. 

  A thaobh puing 2 agus 3: tha na th’ ann de Bheurla na dhùbhlan mòr a thaobh Gàidhlig a thoirt seachad do chloinn, agus tha suidheachaidhean far a bheil neach na Beurla ann anns nach biodh e freagarrach an diùltadh. Bhiodh àite sònraichte far an cluinnear Gàidhlig na fhreagairt mhath, ach tha suidheachaidhean mar staing a’ Chorona Bhìoras nan eisimpleir nach bu chòir dhuinn a bhith nar n-eisimeil uile gu lèir ris an staid. Dh’fhaodadh ar n-àite a bhith air a chur às le caochlaideachd an riaghaltais no iomadach reusan eile. 

Ann an òraid ann an 2016 (a tha ri faotainn an seo: https://youtu.be/2ni3a4-oHfQ ) tha Chris Harvey, a tha na eòlaiche air Cuimris agus an sàs gu mòr le ath-nuadhachadh Mohican, a’ mìneachadh bhun-smuainean air-leth cudromach (na bheachd) dhan t-suidheachadh a th’ ann a thaobh gach mìon-chànain. ’S iad mar a leanas:

  • Gur e luchd-cleachdaidh a tha tòrr nas cudromaiche a thaobh cànain a ghleidheadh na luchd-labhairt nach eil an sàs a dh’aona-ghothach airson an cànan a thoirt seachad gu duine sam bith. A’ toirt sùil air suidheachadh Gàidhlig na h-Èireann mar eisimpleir, tha, a-rèir a’ chunntais-shluaigh mu dheireadh, 1,761,402 luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann ann an Èirinn, agus chan eil ach 30,000 luchd-cleachdaidh a bhios ga bruidhinn gach latha agus a bhios ga toirt seachad dhan ath-ghinealach.
  • Nach mair mìon-chànan sam bith gun choimhearsneachd làidir, ma tha fòcas dìreach air an sgoil, tuitidh àireamhan gu seasmhach. 

An dràsta, tha na Gàidheil ann an Glaschu gu math sgapte. ’S docha gu bheil spruilleach de choimhearsneachd ann, ach chan eil a h-uile duine faisg air làimh mar a bha. Tha sgoiltean ann, tha seann-daoine aig a bheil Gàidhlig bhrèagha, tha ceumnaichean an t-Sabhail Mhòir, ach chan eil siostam ann airson coimhearsneachd a thogail airson an ath-ghinnealachd. A thaobh nan daoine òga, tha e follaiseach nach cleachd iad an cuid-Ghàidhlig an dèidh dhaibh sgoil fhàgail gun taic. Tha mi a’ ciallachadh na daoine aig nach robh Gàidhlig anns an dachaigh. A bharrachd air àite sònraichte a bhith ann, feumar barrachd chloinne a bhith a’ dol a-steach a sgoil le Gàidhlig. A-rèir a’ Mhoray Language Centre, nam biodh iad a’ coinneachadh ro-làimh, aig aois fo-sgoile, bhiodh iad a’ dèanamh bhannan anns a’ Ghàidhlig, agus mhaireadh sin. Tha iad nan deagh stòras a thaobh cloinne a thogail le Gàidhlig, le leabhranan airson luchd-ionnsachaidh agus luchd na Gàidhlig.  Gheibhar fiosrachadh an seo: https://www.facebook.com/MorayLanguageCentre/?__tn__=%2Cd%2CP-R&eid=ARCVsY0odf8GN_QoWcqHe90pg0ZmvseLMf4fPr17P3AMZr2cC7A41ehkQ4BVOMSI4irt55J2D3ALoq7-

  Tha “mentoring” air a bhith na shoirbheachas thall an Alba Nuadh. Sin far a bheil na luchd-ionnsachaidh ag ionnsachadh bho seann-daoine agus a’ togail drochaid eadar nan ginnealachdan. Bha sin stèidhichte air na modhanan aig a’ Mhoray Language Centre. ’S e sin, nam bharail-sa, an dòigh as luaithe a bhith a’ togail drochaid eadar coimhearsnachd na Gàidhlig “on glùn” agus nan luchd-ionnsachaidh. Tha planaichean ann gus sin a chuir an gnìomh, mar a mhìnicheas mi anns an ath-earrann. 

  A thaobh an dàrna puing. Bidh clann a’ togail na Beurla cho luath ’s nach creideadh tu, gu h-àraid ma tha aon phàrant anns an teaghlach le Gàidhlig. Ach saoil a bheil na pàrantan a’ cruinneachadh bitheanta gu leòr ann an Glaschu agus a’ bruidhinn Gàidhlig a-mhàin? Tha càirdean agam, ’s e Gàidhlig a th’ aca ris an nighean fad na h-ùine, agus nuair a bhios sinn còmhla riutha, bidh mo mhac a’ togail na Gàidhlig a cheart cho luath an uair sin, a chionn ’s gu bheil e a’ cluinntinn na Gàidhlig ann an suidheachadh nàdarra. Bidh caraid aige aig nach bidh Beurla mar chiad chànan, agus mar sin, feumaidh e Gàidhlig a bhruidhinn rithe. Tha e air a bhith caran daoirbh pàrantan eile a lorg. Bhiodh buidheann seachdaineil anns an robh Gàidhlig ri cluinntinn uamhasach fhèin cuideachail dhomhsa. ’S docha dum biodh dhuibh uile cuideachd. 

‘San ath-earrann, chìthear na suidheachaidhean eadar-dhealaichte aig teaghlaichean agus luchd-ionnsachaidh ann an Glaschu a dh’fhaodadh a bhith glè cudromach gu Gàidhlig anns an àm ri teachd, agus barailean air na puingean eile.  

2 thoughts on “Bloga 1 – Dùbhlain agus Freagairtean

  1. Bhitheadh ùidh agam ann an gnothach an “mentoring” a tha seo air a bheil thu a bruidhinn. Ciamar a tha e ag obair ann an Alba Nuadh? A’ bheil e uile tro Facebook?

    Like

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: